andeireag.bsky.social
@andeireag.bsky.social
Cinneas chraobhan ùra sna Hearadh.
BBC: Fàs ùr am 'fàsach' cheann a tuath na Hearadh

Tha Urras Ceann a Tuath na Hearadh an dòchas 180,000 craobh a chur air an oighreachd aca, feuch piseach a thoirt air bith-iomadachd an àite.

Tùs: https://www.bbc.com/naidheachdan/sgeulachdan/cn5lgqv2r9no?at_medium=RSS&at_campaign=rss

#Gàidhlig […]
Original post on ailbhean.co-shaoghal.net
ailbhean.co-shaoghal.net
December 17, 2025 at 6:54 AM
Reposted
MANNTACH ~ Bloga ùr 📰

San 12na linn a’ ciallachadh ‘beàrnach, gun fhiaclan’, dh’atharraich ciall MANNTACH ann an Alba gu bhith a-mach air ‘bruidhinn gu stadach’. ’S dòcha gu bheil fianais againn air ann an cairtean meadhan-aoiseach, is ceangal aige ri Beurla Ghallta.

www.faclair.ac.uk/blog/373/gd
October 31, 2025 at 4:15 PM
'S iomadh cuspair nach eilear a' tighinn air sa Ghaidhlig idir sna làithean sa. Tha caochladh seòrsachan sgrìobhaidh air a dhol an lughad o dh'fhalbh duilleagan Gàidhlig sna pàipearan is irisean, 's a thionndaidh an sluagh gu leughadh air-loidhne.
October 25, 2025 at 12:55 PM
Reposted
Cumaibh 14mh–16mh Iuchar 2026 airson Rannsachadh na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu.
Gairm phàipearan & fiosrachadh clàraidh uile ri thighinn.

Hold 14th–16th July 2026 for the Rannsachadh na Gàidhlig conference at the University of Glasgow.
Call for Papers & Registration information all to follow.
September 16, 2025 at 1:38 PM
Reposted
INNTREADH ÙR!

Tha an t-inntreadh ‘cuigeal’ (distaff) a-nis air an làraich-lìn againn: www.faclair.ac.uk/entries/48

Chithear gu bheil iomadh sean-fhacal co-cheangailte ris. Tha an fhianais cuideachd a’ comharrachadh gun robh a’ chuigeal mar bhall-airm is samhla cumhachd aig boireannaich! ♀️
August 22, 2025 at 3:21 PM
Reposted
Ceisteachan goirid aig Bòrd na Gàidhlig mu chleachdadh thar na bliadhna a dh'fhalbh

Fosgailte airson ⏳24 UAIR A THÌDE⏳ a-mhàin agus thèid a dhùnadh aig 12f a-màireach, Diardaoin, 26.06.25!

Cuir freagairt a-steach an seo📲👇
bit.ly/Ceisteachan2...
Microsoft Forms
bit.ly
June 25, 2025 at 1:27 PM